Skip to content

An Cùrsa Inntrigidh

DUAIS: Cùrsaichean air Astar,Teisteanas Shabhal Mòr Ostaig
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 10 mìosan no 18 mìosan
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Sìleas L. NicLeòid
CUIR FIOS: Sgioba Chùrsaichean air Astar ( )

SUSBAINT

Ionnsachadh agus clasaichean taice

Tha goireasan a’ chùrsa ri fhaotainn air-loidhne agus nam measg tha leabhraichean-obrach, faidhlichean-fuaime (no CDan) agus leabhraichean teagaisg a tha nam pàirtean de chùrsa a chaidh a dhealbhadh gu faiceallach. Bidh thu a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den ionnsachadh san ùine agad fhèin, ro chlas air-loidhne a thèid a chumail gach seachdain le oileanaich eile air a’ chùrsa agus oide. Tha na seiseanan air-loidhne nam pàirtean cudromach den chùrsa, a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na thathar air ionnsachadh a chleachdadh agus iad air an stiùireadh le oidean a tha eòlach agus barantaichte. Mairidh gach clas mu uair a thìde. Faodar eisimpleir de dh’eacarsaich bhon chùrsa a leughadh an seo agus cuideachd èisteachd ri eisimpleir de dh’eacarsaich gu h-ìosal.

Teisteanas crìochnachaidh

Gus teisteanas crìochnachaidh Shabhal Mòr Ostaig fhaighinn, feumaidh oileanaich a bhith soirbheachail leis na measaidhean aca anns gach pàirt den chùrsa, agus feumaidh iad co-dhiù 60% de na seiseanan air-loidhne a fhrithealadh.

Measaidhean

Tha measaidhean mar phàirt chudromach den ionnsachadh agus gheibhear iad aig deireadh gach earrann den chùrsa. Airson barrachd fios, thoir sùil air Leabhar-làimhe nan Oileanach. Nuair a tha iad air crìoch shoirbheachail a chur air a’ chùrsa, faodaidh oileanaich àite fhaighinn air CertHE An Cùrsa Comais air neo CertHE An Cùrsa Adhartais (an dèidh agallaimh-fòn).

Ionnsachadh a bharrachd

Clasaichean còmhraidh – Sibh fhèin a-nis!

Tha sinn a’ tabhann chothroman a bharrachd do dh’oileanaich an cuid sgilean labhairt a chleachdadh tro sheiseanan Sibh fhèin a-nis! còmhla ri oide bhon Chùrsa Inntrigidh. ‘S urrainn do dh’oileanaich air Earrannan 2 agus 3 clàradh airson bloc de 16 sheiseanan, fear gach seachdain a tha an Earrann ud a’ ruith (Bann Coitcheann).

Bidh barrachd fios do dh’oileanaich air a’ Bhann Luath ri fhaighinn a dh’aithghearr.

Bidh na seiseanan air-loidhne seo 45 mionaidean, le suas ri 4 oileanach anns gach buidheann.

Chan eil ullachadh sam bith a bharrachd air dhìth airson nan seiseanan seo; ‘s e th’ annta ach cothrom neo-fhoirmeil còmhradh le oileanaich eile bhon Chùrsa Inntrigidh a th’ aig an aon ìre riut fhèin agus le oide ann airson taic is stiùireadh a thoirt dhuibh ma dh’fheumas.

Sgoiltean Deiridh-sheachdain

Ma tha iarrtas ann air a son, thèid sgoil deiridh-sheachdain a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig airson gach pàirt dhen chùrsa. Tha iad roghainneil agus iad a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na dh’ionnsaich iad air a’ chùrsa a neartachadh agus a chur an gnìomh. Airson barrachd fios no airson àite a ghleidheadh, faic an earrann Sgoiltean Deiridh-sheachdain gu h-ìosal.

Goireasan eile

Tha stuthan ionnsachaidh a bharrachd a chaidh a dhealbhadh airson taic a chur ris a’ chùrsa ri fhaotainn. ‘S urrainn do dh’oileanaich conaltradh a chumail ri oileanaich eile cuideachd le bhith a’ cleachdadh a’ bhùird-chòmhraidh.

Cìsean is maoineachadh

Airson fios mu chìsean a’ chùrsa, faic an duilleag Cìsean againn.

Taic mhaoineachaidh

Ma tha oileanach den bheachd gum bi duilgheadas aca ri linn pàigheadh cìsean a’ chùrsa, bu chòir fios a leigeil do sgioba rianachd na Colaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig daonnan deònach feuchainn ri fuasgladh a rèiteachadh.

A’ cur a-steach

Cliog an seo gus am foirm iarrtais a chur thugainn.

Faodar ceistean sam bith a chur don Sgioba Chùrsaichean air Astar air 01471 888 449, air neo cuir am foirm gu h-àrd thugainn.

Bidh an ath Earrann 1 a’ tòiseachadh as t-fhoghar 2024.

Clàran-ama

Chithear an seo mar a tha gach earrann a’ ruith gach bliadhna:

  An Cùrsa Inntrigidh: Clàr Lìbhrigidh

Clàran-ama a’ Bhann Luath

Bann Luath Earrann 1, 2 agus 3: Lùnastal 2023 – Ògmhios 2024

Clàran-ama a’ Bhann Choitchinn

Bann Coitcheann Earrann 1 agus 2: Sultain 2023 – Ògmhios 2024

Bann Coitcheann Earrann 2 agus 3: Sultain 2023 – Ògmhios 2024

Bann Coitcheann Earrann 3: Sultain 2023 – Faoilleach 2024

Bann Coitcheann Earrann 1: Faoilleach 2024 – Ògmhios 2024

Uairean nan clasaichean

Gheibhear roghainn uairean nan clasaichean ron t-Seachdain Inntrigidh, agus thèid gach uair clas a dhearbhadh san t-Seachdain Inntrigidh. Bidh caochladh uairean eadar Diluain is Dihaoine ri fhaotainn, agus cumaidh oileanaich an aon uair teagaisg airson gach pàirt den chùrsa.

Feumlachdan

Feumaidh cothrom air coimpiutair agus ‘s dòcha fòn a bhith aig gach oileanach. Faic Riatanasan Coimpiutaireachd airson barrachd fios.

Ullachadh agus Inntrigeadh don Chùrsa

Bidh Seachdain Inntrigidh air-loidhne ann cola-deug ro thoiseach a’ chùrsa airson oileanaich a tha clàraichte, gus an dèan iad cinnteach gu bheil eòlas aca air a’ chùrsa gu practaigeach is gu teicnigeach, agus airson eòlas fhaighinn air na h-oileanaich eile.

Bidh Seachdain Ullachaidh ann an uair sin seachdain ro thoiseach a’ chùrsa, ach am faigh na h-oileanaich an cothrom seisean air-loidhne a dhèanamh aig an uair àbhaisteach còmhla ris na h-oileanaich eile is an neach-oide, agus gus an obair-chùrsa a chur air chois.

Cinn-latha nan saor-làithean

Bidh Sabhal Mòr Ostaig dùinte aig àm na Nollaig is na Bliadhn’ Ùire. A bharrachd air sin, bidh saor-làithean samhraidh ann do dh’oileanaich air astar, agus seachdain san Dàmhair is seachdain aig àm na Càisge. Cha bhi saor-làithean ionaidail no nàiseanta sam bith eile air a’ chlàr-ama.

Cinn-latha mu dheireadh airson clàradh

Tha cinn-latha mu dheireadh ann ach am faigh luchd-obrach an t-Sabhail cothrom crìoch a chur air clàradh, àireamhan oileanach a dhearbhadh agus uairean teagaisg a rèiteachadh airson nan Seachdainean Ullachaidh is Inntrigidh.

Sgoiltean deiridh-sheachdain

A rèir ùidhe, thèid sgoiltean deiridh-sheachdain dà-latha a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig airson gach pàirt dhen chùrsa. Tha na sgoiltean deiridh-sheachdain seo roghainneil agus tha iad a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na dh’ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh, agus cothrom coinneachadh ri oileanaich eile is oidean. Bu chòir do dh’oileanach iarrtas a chur a-steach cho luath ‘s a ghabhas. Tha prìsean agus cinn-latha air an t-Siostam Ionnsachaidh Air-loidhne.

Clàr-ama

Disathairne: 09:45 – 16:45
Didòmhnaich: 09:30 – 13:30

Math dh’fhaodte gun tèid seo atharrachadh.

Cosgaisean

Tha a’ phrìs airson nan sgoiltean deiridh-sheachdain a’ gabhail a-steach àite-fuirich aig a’ Cholaiste, ma tha sin air dhìth, agus biadh.

Àite-fuirich

Airson àite-fuirich aig a’ Cholaiste, fais an duilleag Àite-fuirich againn. Airson àite-fuirich ionadail, cliog an seo no thoir sùil air www.visitscotland.com.

A’ siubhal dhan Cholaiste

Cliog an seo airson fios air siubhal gu Sabhal Mòr Ostaig agus gus mapa na Colaiste fhaicinn.

An Leabharlann

Mar as trice, bidh Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig, fosgailte nuair a bhios sgoiltean deiridh-sheachdain a’ ruith.

A’ gleidheadh àite

‘S ann le Sabhal Mòr Ostaig a tha an còir sgoiltean deiridh-sheachdain atharrachadh no a chur dheth. Feumar àite aig gach sgoil deiridh-sheachdain fa leth a ghleidheadh is a phàigheadh. Ma tha ceistean sam bith agad mu àitichean-fuirich na Colaiste no mun sgoil deiridh-sheachdain, cuir post-d dhan Sgioba Chùrsaichean air Astar aig . Gabhaidh sinn pàigheadh aon uair is a bhios d’ àite air a’ chùrsa air a dhearbhadh.

Foirm Iarrtais

Cliog an seo gus foirm iarrtais a chur thugainn airson a’ Chùrsa Inntrigidh.

 

‘DÈ DO NAIDHEACHD?’

Gu h-ìosal gheibhear cuairt-litrichean bho na h-oileanaich againn air a’ Chùrsa Inntrigidh:

PDF Icon Dè do Naidheachd? Issue 1

PDF Icon Dè do Naidheachd? Issue 2

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578