Lèirmheas le Meg Bateman air Là a' Dèanamh Sgèil do Là

a nochd sa Herald san Dùbhlachd 2004

Chaidh aig Aonghas Pàdraig Caimbeul air rud doirbh a dhèanamh dà thuras a-nis: air faireachdainnean diadhaidh a chur ann an cruth na fìorachd tro eachdraidh charactaran ann an nobhail. Mas ann mu dheidhinn a’ ghaoil a leigeas leinn mathanas a thoirt do chach a chèile a tha a’ chiad nobhail aige, An Oidhche mus do Sheòl Sinn (2003), ’s ann mun t-sìorraidheachd a tha an tè seo. Uair ’s a-rithist ghabh mi an t-eagal gun gabhadh teagasg thairis air faireachdainn agus gun cailleadh a h-uile leughadair, ach an fheadhainn as beannaichte, an ceangal leis an sgeulachd. Cha do thachair seo a chionn ’s gun creid sinn sna caractaran.

Tha an nobhail stèidhichte san àm ri teachd sa chiad phàirt den linn seo. Tha na caractaran air an sònrachadh a chionn ‘s gum buin iad do mheasgachadh de chultaran. Tha Seòras, am prìomh charactar, na Shasannach a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. ’S ann a thogadh a bhean an eilean Sòthaigh, le màthair à Nirribhigh agus le athair à Dùn Eideann. Tha an dithis aca air Gàidhlig ionnsachadh. Tha iad spioradail gun a bhith an sàs ann an creideamh stèidhichte. ’S e càraid libearalach a tha annta, làn mothachail air ceistean cothromachd agus saorsa. Aig a’ char as lugha, bheir an nobhail seo dealbh dhuinn air an dàimh eadarra agus mar a thèid i na leigheas dhan a h-uile dochann a bha nam beatha mus do phòs iad. Ach a bharrachd air seo, tha an gaol seo a’ taisbeanadh cuspair na nobhail: dè mhaireas a nì mac an duine fa chomhair an eu-dòchais?

’S e an nobhail fhèin mas fhìor na sgrìobh Seòras san taigh leighis far an chosg e deich bliadhna na “phrìosanach cànain” sna 2040an. Tha an taobh an iar air dhol na uile-stait, aonaichte an aghaidh bagradh Al-Qaida. Chan eil ceadaichte ach an aon chànain, International English; chan eil àite ann airson saorsa phearsanta no ealain no chultaran diofraichte. Tha an t-eagal air cur às do mheanmna an duine; tha beatha air talamh air dhol na h-ifrinn. Tha Seòras na phrìosanach a chionn ’s gun do dhiùlt e cùl a chur ris a’ Ghàidhlig agus tha an sgrìobhadh aige, ann an cànain thoirmeasgte, a’ cur an aghaidh na h-Uile Stait. Mar an sgrìobhadair Ameireigeanach, Uilleam Faulkner, diùltaidh Seòras gabhail ri crìoch a’ chinne daonna agus gabhaidh e ri dleastanas a dhreuchd, “to help man endure by lifting his heart...” Chan eil an t-eagal air spiorad Sheòrais a mhùchadh; tha de mhisneachd aige labhairt mu na chunnaic is mu na dh’fhairich e.

Tha de sheòltachd is de dhà sheaghachas sa nobhail a leigeas leis an leughadair a tuigsinn aig ìre Crìostaidheachd no aig ìre daonnachais. Chithear gu bheil cumhachd aig spiorad an duine buaidh a thoirt air a’ bhrùidealachd. Gun teagamh, tha an sealladh mu dheireadh air a’ bheatha shìorraidh na cheann dòchais aig na Crìostaidhean, ach cha bhi an leughadair gun chreideamh air a chur dheth aig a’ phuing seo, a chionn ’s gun tèid a mhìneachadh gu samhlachail cuideachd, mar urram do chomas a’ chinne daonna air gaol is fèin ìobairt.

Tha tiotal an leabhair, Là a’ Dèanamh Sgèil gu Là, air a tharraing bhon 19mh salm, anns a bheil a’ Chruthaigheachd air fad, na ruith àbhaistich, an sàs ann am moladh a’ Chruthaigheir. Ged a ghabh Seòras agus a bhean ùidh sa Ghaidhlig an toiseach a chionn ’s gun do chuir iad luach ann an cànain fa leth, thig iad chun na h- ìre far am faic iad a h-uile cànain, agus a h-uile taobh eile dhe bhith na rud naomh, air a lasadh le facal Dhè. Oir chan eil ionad ann/No cainnt, no uirghioll fòs air bith/nach cual an guth gach àm. Cuiridh an leabhar luach air iomadh-seòrsachd agus nì e gàrdeachas rithe. ’S e iongnadh nan caractaran ro iomadh-seòrsachd an t- saoghail a lìonas iad leis a’ ghaol a leigeas leotha a’ bheatha “fhìrinneach” a leantail, anns a bheil iad a’ gabhail pàirt làn sa Chruthaigheachd, agus anns nach eil fèin- àicheadh.

An toiseach thuig Seòras gu robh an sgrìobhadh aige coltach ann an dòigh ri oidhirp Dhè; gun robh aige ri rud a dhèanamh a-mach à neoni. Chuir e earbsa ann an cruthaigheachd an duine, a chionn ’s gum faca e gun fheàrr coinneal beag a lasadh seach an dorchadas a mhallachadh. Ach dh’ionnsaich e nach robh na bha roimhe cho mòr sin; cha robh aige ach a bhith togail air gaol Chrìost gus cur an aghaidh an eu-dòchais. Aig deireadh an leabhair tuigidh Seòras na thuig a bhean na bu traithe. Chan e eagal bhon rud nach eil ann as cudromaiche...ach gràdh dhan rud a th’ ann.

Tha an sgrìobhadh siùbhlach, soilleir. Seach gu bheil a h-uile sian ri dheasbad eadar fear is bean, chan eil an t-ùghdar a’ faighinn a’ chothroim a bhith gar teagasg bho h-àrd. Tha na pìosan macmeanmnach, os-nàdarrach a’ leigeil leis an sgrìobhadair a mhìneachadh ann an diofar dhòighean. Cho faisg ’s a tha am mac-meanmna is an dà rìreabh. Chlisg mi ro chuid: tuigse Sheòrais gu robh e beò san t- sìorraidheachd ’s chan ann ann an ùine; am post a dhèanadh ùrnaigh airson gach teaghlach dhan lìbhrigeadh e litrichean; aisling a mhnà a chunnaic Seòras cuideachd is i dol seachad air na eithir ann am bàta os-nàdarrach air muir na sìorraidheachd.

Thug Aonghas Pàdraig Caimbeul dà nobhail thomadach a-mach ann an dà bhliadhna. ’S e obair tarraingeach ùidheil a tha ann san dòigh a tha e ag amas air na tha do-innse a chur an cèill. Glacaidh an obair neart sònraichte, furtachd fhaclan agus bheachdan. Tha e a’ sgrìobhadh aig àirde a’ chomais far a bheil cinnt chreidimh agus ait talmhaidh air an toirt còmhla ann an guth nach eil eu-coltach e fhèin ri guth an t- salmadair.

 
2005-05-02 CPD